AR CÀNAN AR CULTAIR 'S AR CEÒL
OUR LANGUAGE, OUR CULTURE & OUR MUSIC
- Fàilte / Welcome -
TAIGH DHONNCHAIDH
TAIGH DHONNCHAIDH
’S e ionad airson ceòl agus ealain a tha ann an Taigh Dhonnchaidh ann an Nis, a tha air a ruith le comataidh agus buidheann de saor-thoilich na sgìre, a bhios ag obair fad na bliadhna gus cothroman cultural agus ceòlach a thoirt do dh’òigridh na coimhearsnachd san sgìre agus nas fhaide buileach.
​
Stèidhichte ann an coimhearsnachd Nis, Eilean Leòdhais, sna h-Eileanan Siar, ’s e amas Taigh Dhonnchaidh glèidheadh cultar agus ceòl thraidiseanta ionadail na sgìre do ghinealaichean an latha an-diugh agus a-màireach.
FÈIS TAIGH DHONNCHAIDH
Gach àm na Càisge, bidh Fèis aig Taigh Dhonnchaidh - Fèis de cheòl agus cultar sa Ghàidhlig – far a bheil cothroman ann oideachas fhaighinn le ionnstramaidean, clasaichean seinn sa Ghàidhlig agus ealan cuideachd.
​
​Tha ceangal cultarail aig TD le Conamara, ann am Poblachd na h-Èireann far a bheil òigridh gabhail pàirt ann an iomlaid gach bliadhna.
CÒMHLAN MAILEÒIDIAN NIS
’S e buidheann de dhaoine ionadail à Nis aig a bheil ùidh mhòr ann am Maileòideanan a th’ ann an ‘Còmhlan Maileòidean Nis’.
Bidh iad a’ coinneachadh mar as trice gach oidhche Dhiardaoin aig Taigh Dhonnchaidh bhon a thòisich iad sa bhliadhna 2000.
Leasachadh den Togalach
Tha sinn an dùil obair-leudachaidh a dhèanamh aig cùl an taighe agus cuideachd leasachadh a bharrachd a dhèanamh air Taigh Dhonnchaidh mar a tha e an-dràsta. Bheir an obair-leudachaidh seo cothrom dhuinn stèidse is àrd-ùrlar a bhith againn agus leis an sin an comas tachartasan a chuir air dòigh aig Taigh Dhonnchaidh agus cuideachd barrachd àite airson clasaichean.