top of page
6FEDB1875811413B88FBF6D555956CB0.jpg
STORY

MU AR DEIDHINN | ABOUT TD

Film G Screening, TD, Dùthchas 20195.jp

TAIGH DHONNCHAIDH AN-DIUGH

Ann an 1999 chaidh Taigh Dhonnchaidh a leasachadh agus a dhèanamh na ionad ealain agus ciùil Ghàidhlig, a’ toirt àite sònraichte do nithean traidiseanta. Chaidh an t-ionad ealain ùr fhosgladh air 24 Iuchar 2000.

 

A h-uile bliadhna aig àm na Càisge bitear a’ cumail fèis ciùil Ghàidhlig agus dhualchasach far a bheilear a’ teagasg ceòl ionnsramaideach, seinn anns a’ Ghàidhlig, dràma agus ealain.

 

Tha clasaichean ionnsramaideach cuideachd gan cumail tro bhliadhna na sgoile agus tha ceilidhean, oidhcheananan sgeulachdan agus tachartasan coimhearsnachd eile a’ gabhail àite tron bhliadhna, agus   ’s e an Taigh dachaigh Còmhlan Mhaileòidean Nis.

TODAY

SGEULACHD TAIGH DHONNCHAIDH

Chaidh Taigh Dhonnchaidh a thoirt mar thiodhlac do Chomunn Eachdraidh Nis ann an 1997 le Donnchadh Moireasdan, air an robh ginealaich de dh’eileanaich eòlach mar fhear-teagaisg ciùil ann an sgoiltean Leòdhais. Bha Taigh Dhonnchaidh am measg na ciad thaighean geala ann an Nis, agus chaidh a thogail mu mheadhan na naoidheimh linne deug. Chaochail Donnchadh, a bha na Fhear-Saor de na h-Eileanan Siar, air 21 An Giblean 1998 aig aois ceithir fichead ’s a dhà dheug.

​

Ann an 1999 chaidh Taigh Dhonnchaidh a leasachadh agus a dhèanamh na ionad ealain agus ciùil Ghàidhlig, a’ toirt àite sònraichte do nithean traidiseanta. Chaidh an t-ionad ealain ùr fhosgladh air 24 Iuchar 2000. A h-uile bliadhna aig àm na Càisge bitear a’ cumail fèis ciùil Ghàidhlig agus dhualchasach far a bheilear a’ teagasg ceòl ionnsramaideach, seinn anns a’ Ghàidhlig, dràma agus ealain. Tha clasaichean ionnsramaideach cuideachd gan cumail tro bhliadhna na sgoile agus tha ceilidhean, oidhcheananan sgeulachdan agus tachartasan coimhearsnachd eile a’ gabhail àite tron bhliadhna, agus ’s e an Taigh dachaigh Còmhlan Mhaileòidean Nis.

​

TD.jpg
TaighDhonnchaidh.jpg

BEAGAN MU DHONNCHAIDH FHÈIN

DUNCAN

Bhuineadh athair Dhonnchaidh do Bhrèascleit agus rugadh a mhàthair aig 44 Tàbost. Bha athair ag obair aig Caisteal Leòdhais agus chaidh Donnchadh ainmeachadh às dèidh a’ Mhajor Donnchadh MacMhathain leis an robh Leòdhas eadar 1901 agus 1918 agus a bha a’ fuireach anns a’ chaisteal.

​

Fhuair Donnchadh a’ chiad leasanan ann an cluich a’ phiàna ann an Dùn Èideann agus tabhartas sgoileir-ciùil pàighte leis a’ Chomunn Ghàidhealach a thug e sìos gu Lunnainn. Ann an sin ghabh Marchioness Londonderry ùidh anns a’ cheòl aige agus bha e na dheagh charaid do Mhàthair na Banrigh aig an àm sin. Chuir e a h-ainm ris a’ chruinneachadh de cheòl Eileanach aige, ‘Ceòl Mara’, nuair a bha i na Ban-diùc York.

Donnchadh.jpg
TD.jpg

Ron chogadh bha Donnchadh tric ri fhaicinn anns na tallaichean a b’ iomraitiche san dùthaich, a’ cumail taic ris an t-seinneadair ainmeil, an t-Athair Sydney MacEwan. Chaidh an dithis cuairt gu Astràilia, Sealainn Nuadh agus na h-Innseachan, agus rinn e cuideachd cuairt chonsairtean còmhla ris na tenors, Raibeart King agus Mìcheal O’ Duffy. Chaidh e fhèin agus Raibeart còmhla ri ENSA agus bha fèill mhòr orra aig àm an Dàrna Cogaidh airson cluich dha feachdan Bhreatainn.

​

An dèidh a’ chogaidh thill e a Leòdhas agus ’s e a’ chiad thidsear ciùil a bha a’ falbh air feadh nan sgoiltean. Bha e a’ trèanadh iomadach seinneadair agus neach-ciùil òg ann an Leòdhas, nam measg, Calum Ceanadach a choisinn Bonn Òr a’ Mhòid. Chaidh Bonn Iubailidh Rìoghail na Banrigh a thoirt dha ann an 1977 agus leig e dheth a dhreuchd mar thidsear an ath bhliadhna. Choisinn e an MBE ann an 1984.

FUTURE

PLANAICHEAN LEASACHAIDH

EXTENSION AND PLANS FOR DEVELOPMENT

CURRENT RESTRICTIONS

In the 20+ years since Taigh Dhonnchaidh was gifted to the community, we've had many wonderful nights-in and seen hundreds of children passing through our classes! We've come to the stage now that we're outgrowing our space, so have a read at the plans for a sensitive re-working of the building.

​

We are currently very restricted with what we can offer due to the size of our rooms and have to take our concerts out to a larger venue. We have to limit our Fèis numbers every year because the building will not accommodate large numbers. In recent years the numbers attending classes have increased considerably especially the Ness Highland Dancing School, where ceiling height is also becoming an issue.

TaighDhonnchaidh_MusicPractice.png

PLANNING FOR THE FUTURE

We are proposing to build an extension at the back of the house and develop the existing space. The extension would allow us to have our own staging and performance area, which will enable us to hold all our events in-house, whilst also creating more space for classes. Retractable, tiered seating would provide a much-improved experience at cinema screenings, and performances. New kitchen and toilets, and extended parking are all important aspects of these new plans too.

 

This extension will be sensitive, preserve the uniqueness and identity of Taigh Dhonnchaidh while creating a new more practical space for the community to enjoy for many years to come.

 

Donations are welcome to help us achieve our goal, follow the pay pal link to the left. Thank you in advance!

TaighDhonnchaidh_Entrance Hall.png
TaighDhonnchaidh_MusicPractice.png
TaighDhonnchaidh_Axonometric.jpg
TaighDhonnchaidh_Performance Hall.png
TaighDhonnchaidh_Entrance.jpg
bottom of page