AR CÀNAN AR CULTAIR 'S AR CEÒL
OUR LANGUAGE, OUR CULTURE & OUR MUSIC
CÒMHLAN MAILEÒIDIAN NIS
NESS MELODEON BAND
’S e buidheann de chluicheadairean maileòidian èasgaidh a th’ ann an Còmhlan Maileòidian Nis stèidhichte ann an Nis fhèin ann am fìor Cheann a Tuath Leòdhais. Tha am buidheann air a bhith
a’ cruinneachadh gach Diardaoin anns an ionad ciùil Taigh Dhonnchaidh bho thàinig iad còmhla an toiseach ann an 2000. Bha an àireamh de dhaoine a bha a’ cluich a’ mhaileòidian anns an stoidhle traidiseanta air a bhith a’ crìonadh, agus airson an adhbhar sin, chaidh buidheann a chruthachadh airson an seann stoidhle cluiche a chumail a’ dol. Thòisich iad gu math neo-fhoirmeil, a’ coinneachadh dìreach airson port no dhà, cupan teatha agus beagan còmhraidh. Ann an co-bhonn ri Taigh Dhonnchaidh, thòisich cuid de na buill a’ teagasg òigridh na sgìre agus tha faisg air fichead pàiste ag ionnsachadh a’ mhaileòidian an-dràsta.
An uair a fhuair am buidheann beagan misneachd a bhith a’ cluich còmhla, thòisich iad a’ dol air àrd-ùrlar aig tachartasan carthannais anns an sgìre, agus thairis air na bliadhnaichean, tha iad air siubhal le na bucais aca gu iomadach àite, leithid Èirinn, Lunnainn, Glaschu, Obar Dheathain agus fiù ’s cho fad às ri na Hearadh!
Tha stoidhle sònraichte agus bunasach aig a’ chòmhlan, gu mòr stèidhichte air an stoidhle traidiseanta Gàidhlig.