top of page

CLASSES  |  CLASAICHEAN

Tha clasaichean ciùil, seinn agus dannsa a’ dol tro theirm na sgoile.

An-dràsta, tha clasaichean Maileòidean, Bogsa-ciùil, Giotàr, Drumaichean, Drama agus buidhnean-obrach airson deugairean.

Tro làithean-saora na sgoile, bidh Taigh Dhonnchaidh cuir air dòigh Fèis airson seachdain do dh’òigridh far am bi iad a’ dèanamh cleasan eadar-dhealaichte tron latha agus aig deireadh na seachdain tha consairt ann gus sealltainn na ionnsaich iad.

Guitar_sticker.png

CLASAICHEAN

Feis

Fèis Thaigh Dhonnchaidh

 

Bidh a Feis air a'chumail anns A'Chàisg, tro an dàrna seachdainn de laithean-saora na sgoile.

 

Bidh barrachd fiosrachaidh an seo nuair a bhios e againn.

Ceòl Nis & Conamara

Tha Taigh Dhonnchaidh air ceangal cultarail a dhèanamh le Conamara ann am Poblachd na h-Èireann. Tha seo air cothroman a chruthachadh dha mòran le iomadh turas eadar gach coimhearsnachd agus òigridh is daoine nas sine ag ionnsachadh mun chultar, ceòl agus cànan eadar-dhealaichte a tha aig gach dùthaich. Tha ceangal mhòr aig gach coimhearsnachd ri Gàidhlig (na h-Alba agus Èirinn) le mòran anns gach coimhearsnachd a’ bruidhinn gach cànan. Leis an seo, tha clann na coimhearsnachdan air eòlas fhaighinn air thraidiseanan agus chultaran eadar-dhealaichte agus cuideachd air fàs nas misneachail.

exchange
bottom of page